CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Àireamh mhath de sgoilearan a’ nochdadh son coinneimh mu na meadhanan cruthachail is didseatach

Àireamh mhath de sgoilearan a’ nochdadh son coinneimh mu na meadhanan cruthachail is didseatach

Chaidh an dàrna coinneamh ‘Future Focus Forum – An t-Slighe Air Adhart’ a chumail ann an dà phàirt, dìreach mar a thachair aig a’ chiad choinneamh anns an Dùbhlachd 2017. An toiseach, cheangail sgoilearan bho Sgoil Sir E Scott anns na Hearadh agus Sgoil Lionacleit ann an Uibhist a-steach le bhith dèanamh feum de ghoireasan Vscene e-Sgoile. Anns an dàrna seisean, bha sgoilearan bho Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh air Vscene agus sgoilearan bho Sgoil ’ic Neacail ann an Leòdhas an làthair.

An turas sa b’ iad Keith Moireasdan, fear-ciùil is fear-tionnsgain aithnichte à Leòdhas aig a bheil Wee Studio, agus Iain Dòmhnallach agus Ailig MacMhathain, dithis eòlaichean bho Aonad Ioma Mheadhan na Comhairle a tha ag obair leis na meadhanan didseatach, a bhruidhinn ris na daoine òga.

Bha an triùir luchd-labhairt gu math fiosrach is taitneach agus lean ceistean is còmhradh inntinneach bho sgoilearan anns na ceithir eileanan.

’S e amas nan coinneamhan ‘Future Focus Forum – An t-Slighe Air Adhart’ cothrom a thoirt do sgoilearan ann am bliadhnaichean 3 is 4 den àrd-sgoil ionnsachadh mu roinnean-obrach far a bheil fàs aig ìre ionadail. Cluinnidh iad bho eòlaichean gnìomhachais mu dhreuchdan agus slighean eadar-dhealaichte a-steach dha na h-obraichean, nam measg preantasachd agus teisteanasan Ionnsachadh Gnìomhach (Applied Learning) eile.

An turas sa, bha 47 sgoilearn an sàs thairis air na ceithir àiteachan.

Tweets by eSgoil