CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Donalda NicFhionghain @ Òraid 2017

Òraid Cuimhneachaidh Bhliadhnail Aonghais MhicLeòid

Thèid Òraid Cuimhneachaidh Bhliadhnail Aonghais MhicLeòid a chumail aig 7.30f air Diardaoin 2 Samhain 2017 aig e-Sgoil, Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh. `S i Donalda NicFhionghain, Stiùiriche BBC Scotland, labhraiche an tachartais am bliadhna-sa.

`S e amas na h-òraid, dìleab Aonghais MhicLeòid a chumail a’ dol agus aire dhaoine a tharraing gu stòras prìseil de stuthan a fhuair an teaghlach `s a tha a-nis rim faicinn aig an taigh-tasgaidh agus an tasglann aig Rubha an Fhithich.

Thuirt Donalda NicFhionghain, Stiùiriche BBC Scotland : “Tha e na fìor urram dhomhsa cuireadh fhaighinn gus òraid na bliadhna-sa a lìbhrigeadh. Aig àm far a bheil cùisean a’ gluasad aig astar, tha an t-suidheachadh sa bheil BBC Scotland ag obair air atharrachadh gu mòr anns a h-uile dòigh - sòisealta, poilitigeach agus teicneolach. Tha sin a’ togail dùbhlain agus cothroman anns na meadhanan agus `s e urram a bhios ann dhomhsa a bhith ann an Steòrnabhagh airson bruidhinn air ar lèirsinn, gu h-àraid le sianal ùr BBC Scotland a’ tòiseachadh an ath-bhliadhna, prògram naidheachd ùr aig 9f agus barrachd maoineachaidh an Alba.”

Am bliadhna-sa, tha Comunn Eachdraidh na Pàirc agus Urras Leabhraichean nan Eilean air a bhith ag obair ann an compàirteachas ri e-Sgoil gus cleachdadh teicneolas. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dha daoine, coimhearsnachdan agus buidhnean air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an seo, pàirt a ghabhail san tachartas le bhith a’ ceangal a-steach.

Thuirt Dòmhnall Moireasdan bho Chomunn Eachdraidh na Pàirc, a tha air an òraid bhliadhnail a chur air dòigh thairis air na trì bliadhna deug mu dheireadh, ann an co-bhonn ri Urras Leabhraichean nan Eilean agus teaghlach Aonghas ‘Ease’ MhicLeòid: “Tha mi toilichte dha rìribh gu bheil Donalda air ùine a lorg gus òraid na bliadhna-sa a lìbhrigeadh. `S e sàr labhraiche a th’ innte le làn-eòlas air na h-Eileanan, agus tha an cuspair a th’ aice iomchaidh, agus tha mi cinnteach gum biodh ùidh mhòr air a bhith aig Aonghas ann. Tha mi cuideachd air leth toilichte gu bheil sinn air an tachartas a leasachadh am bliadhna, ann an co-bhonn ri e-Sgoil, agus gu bheil sinn a-nis comasach air tòrr mòr a bharrachd dhaoine bho gach ceàrnaidh a thoirt a-steach air an tachartas.

“Tha sinn an dòchas gum bi ùidh aig buill Chomuinn Eachdraidh agus buidhnean ionadail eile, fiù ’s air tìr-mòr, ceangal a-steach chun na h-òraid le bhith a’ cleachdadh uidheamachd e-Sgoil. ’S e Òraid Aonghais MhicLeòid aon de na prìomh thachartasan eachdraidheil is cultarail ann an Leòdhas gach bliadhna agus tha mi làn-dhùil gun toir na h-atharrachaidhean a tha sinn air an dèanamh am bliadhna-sa cothrom dhuinn aire barrachd dhaoine a tharraing gu dìleab mhìorbhaileach beatha agus obair Aonghais MhicLeòid.”

Tha tiocaidean airson an tachartais aig e-Sgoil saor an asgaidh, ach chan eil ach cuid rim faighinn. Mar sin dheth, bucaibh tràth aig: eventbrite

A bharrachd air e-Sgoil fhèin, bidh e comasach an òraid fhaicinn beò ann an ceithir àiteachan eile. ’S iad Sgoil na Pàirce, Sgoil Lìonail (tro Chomunn Eachdraidh Nis), Sgoil Chairinis agus Sabhal Mòr Ostaig. Gheibh sibh barrachd fios mu seo bho na h-àiteachan fhèin.

Mura tèid agaibh ri bhith an làthair aig gin dhe na h-àiteachan seo 's urrainn dhuibh cuideachd ceangail a-steach leis a’ choimpiutair no fòn-làimhe agaibh p’ fhèin leis a’ cheangal a leanas: http://clickmeterlink.com/livestreamgaelic (chan obraich seo gu air an oidhche fhèin)

Tweets by eSgoil