CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Ceanglaichean ùra eadar Dhùthchannan Ceilteach

Dh’ionnsaich luchd-tadhail à Èirinn mu theisteanas Clò na Hearadh agus curraicealam stèidhichte air feumalachdan gnìomhachais

San Lùnastal 2019, thadhail Dearbhla Kelly agus Joanne Whitelock bho Ionad Trèanaidh Bhaile Raithin, ann an Leitir Cheanainn, Èirinn, air Leòdhas agus na Hearadh. Tha dualchas làidir breabadaireachd anns an dà sgìre agus na h-aon dhùbhlain romhpa. Mar a mhìnich Dearbhla: “An-dràsta, tha breabadaireachd-làimhe ann an Doire ann an cunnart. Tha sinn air ginealach de bhreabadairean a chall agus tha an aon sheòrsa dhùbhlain romhainn a bha romhaibhse bho chionn greis. ’S e an t-amas againn, mar Ionad Foghlaim Adhartaich is Trèanaidh, cur ri leantainneach nan sgilean agus taic a chumail ris a’ ghnìomhachas gu h-ionadail.” Tha iad an-dràsta an sàs ann a bhith a’ stèidheachadh teisteanais a fhreagras air feumalachadan gnìomhachas breabadaireachd ann an Dùn nan Gall. Mar sin, bha e na phrìomhachas dhaibh coinneachadh ri daoine a tha an sàs ann an Clò na Hearadh air an taobh seo de Chuan na h-Èirinn is ionnsachadh bhon eòlas a th’ aca ann a bhith cruthachadh Teisteanais Adhartais Nàiseanta SQA ann an Clò na Hearadh.

Ann an 2010, ghabh Roinn Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar, le taic SQA, an stiùir ann am buidheann leasachaidh gus teisteanas a stèidheachadh a fhreagradh air gàine sgilean ann an gnìomhachas a’ chlò an seo. Chaidh an cùrsa a dhearbhadh bhon uair sin agus tha e air a lìbhrigeadh ann an Leòdhas agus na Hearadh. Tha e air a bhith gu math soirbheachail ann a bhith togail aire dhaoine, a’ leasachadh sgilean, agus a’ tabhann slighe a-steach do dh’obair ann an gnìomhachas a’ chlò.

Thairis air dà latha gu math trang, choinnich Dearbhla agus Joanne ri luchd-obrach Ùghdarras a’ Chlò Hearaich, breabadairean le tòrr eòlais, cho math ri feadhainn a bha air an ceàird ionnsachadh tron chùrsa sin. Thadhail iad cuideachd air Companaidh Clò na Hearadh ann an Greòsabhagh agus Sgoil an Tairbeirt a bha air a bhith aig cridhe leasachaidh an teisteanais.

Cho-dhùin Iain Stiùbhart, a bha gu mòr an sàs ann a bhith cur na cuairt air dòigh: “’S e tlachd dha-rìribh a bh’ ann a bhith a’ coinneachadh ri co-obraichean agus a’ cleachdadh an eòlais a th’ againn anns na h-Eileanan Siar gus cur ri bhith stèidheachadh Teisteanas Nàiseanta ann an gnìomhachas traidiseanta a’ chlò. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dhaibh leis na h-amasan aca.”

Fhad ’s a bha iad air an eilean, ghabh iad cuideachd an cothrom tadhal air e-Sgoil gus ionnsachadh mun dòigh ùr anns a bheil a’ Chomhairle a’ lìbhrigeadh foghlaim. Mhìnich an ceannard, Aonghas Macillinnein, am prionnsabail gu bheil an curraicealam air a dhealbhadh gus freagairt air feumalachdan nan gnìomhachasan san sgìre agus dh’innis Richard Tarves, Manaidsear Gnìomhachais, dhaibh mun amas a bhith a’ faighinn luach à dualchas agus cànan sònraichte nan eilean. Tha Dearbhla agus Joanne à coimhearsnachd Gaeilge iad fhèin agus sheall iad ùidh mhòr ann an iomairtean gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. Thug iad cuideachd fiosrachadh seachad mu dhaoine a tha an sàs san obair sin sna coimhearsnachdan aca fhèin.

Thathar an dòchas nach eil an seo ach toiseach tòiseachaidh de chom-pàirteachas fada is buannachdail dhan dà thaobh. Rinn Dearbhla agus Joanne a h-uile oidhirp an càirdeas a leudachadh le bhith toirt fiathachaidh do dhaoine a dhol a-nall a dh’Èirinn.

Tweets by eSgoil