CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Ceanglaichean eadar sgoiltean nan Eilean Siar is Sealtainn a’ leantainn

Sgoil an Òib a’ taisbeanadh do Sgoil Bhurravoe

A’ leantainn air sreath de thaisbeanaidhean a rinn ceithir bun-sgoiltean ann an Sealtainn do bhun-sgoiltean anns na h-Eileanan Siar san Fhaoilleach, b’ e turas Sgoil an Òib a bh’ ann innse do sgoilearan bho bhun-sgoil Bhurravoe mun sgìre acasan.

ag ionnsachadh mu Up Helly Aa

Bha e follaiseach gu robh na Hearaich air tòrr rannsachaidh a dhèanamh is iad a’ bruidhinn mu bhailtean an eilein, na beathaichean a gheibhear, an tìde, agus a’ bhuaidh a thug na Lochlannaich air ainmean àite. Cha robh gin de na sgoilearan Sealtainneach air a bhith anns na Hearadh riamh, ’s mar sin bha tòrr aca ri ionnsachadh.

An dèidh an taisbeanaidh bha sgoilearan Bhurravoe deiseil le ceistean. Bha iad son faighinn a-mach cia mheud bàta a bh’ ann an cala an Òib agus ciamar a bha seirbheis nam busaichean ag obair. Ghabh iad ùidh shònraichte ann am fèidh – beathaichean nach fhaighear ann an Sealtainn – is bha iad son faighinn a-mach dè cho pàilt ’s a bha iad, am faicear iad gu tric no an àbhaist dhaibh cumail am falach, agus dè cho mòr ’s a bha iad an coimeas ri duine. Dh’fhaighnich aon sgoilear an robh caoraich anns na Hearach agus abair gun do thòisich na sgeulachdan an uair sin!

Bha e na thlachd fhaicinn mar a dh’aithnich na sgoilearan dè cho coltach ’s a tha na h-eileanan aca ri chèile a dh’aindeoin an astair mhòir a th’ eatarra. Bha e follaiseach gu bheil dàimh a’ fàs eadar an dà sgoil agus thathar an dòchas leantainn le taisbeanaidhean san àm ri teachd.

Tweets by eSgoil