CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Buth-obrach Sàr Cheòl

Buth-obrach Sàr Cheòl

Air an 20mh den t-Sultain ghabh sgoilearan bho Ard-Sgoil Mhicneacail. Sgoil Sir E Scott agus Sgoil Lionacleit pàirt ann am bùthan-obrach a bh’ air an stiùireadh le luchd-ciùil bho Chamber Orchestra Alba. ‘S ann ann an Sgoil Sir E Scott a choinnich mu 30 sgoilear airson fad latha a chur seachad ag ionnsachadh mu mar a chruthaicheadh iad ceòl. ‘S e amas nam bùthan-obrach prògaman sònraichte a thairgse anns na 32 ùghdaras ionadail thairis air trì bliadhna.

Tha na bùthan-obrach sònraichte seo a’ toirt chothroman do dh’ oileanaich ceòl ùr a chruthachadh mu shuidhichidhean annasach. ‘S iad na clasaichean seo am prìomh dhòigh anns a bheil an SCO an dùil ceanglaichean a dhèanamh leis na tha sgoilearan ag ionnsachadh tron Churraicealam Sàr-Mhaitheis.

Tha meas eadar-nàiseanta air an SCO mar bhuidheann luchd-ciùil a bheir buaidh air daoine de gach aois. Tha iad ag amas air cothrom a thoirt do dhaoine a bhith cluinntinn ceòl orchestra beò le bhith siubhal na dùthcha agus air feadh an t-saoghal a’ taisbeanadh cultar Alba. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha iad air a bhith a’ cluiche air feadh na Roinn Eòrpa, na h-Aird an Ear, Na h- Innseachan agus na Stàitean.

Tweets by eSgoil