CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Chamber Orchestra na h-Alba

Chamber Orchestra na h-Alba

Tha Seirbheis Ciùil Innse Gall air soirbheachadh nan oidhirp co-obrachadh eadar iad fhèin agus an Chamber Orchestra na h-Alba a chur air bhonn. Mar chiad cheum, bidh buill den orchestra a’ cumail bhùitean-obrach airson a bhith cruthachadh ciùil ann an Talla Baile Steòrnabhaigh air an 20mh latha den t-Sultain.

‘S e cothrom air leth a bhios an seo do luchd-ciùil òga an cuid sgilean a leasachadh fo stìuir sàr chluicheadairean a tha an sàs anns an t-sreath bhùitean-obrach Masterworks. Bheir seo cothrom do na sgoilearan eòlas fhaighinn air ceòl de dhiofar sheòrsaichean agus dòighean agus uidheam ùr airson a chruthachadh. Bidh sgoilearan à Bàgh a’ Chaisteil, Lìonacleit, Sir E Scott agus Sgoil Mhicneacail an làthair aig an tachartas. Thuit Gavin Woods, Oifigear Leasachaidh Ciùil, gur e cothrom air leth a bha seo do sgoilearan a bhith aga obair còmhla ri luchd ciùil cho math sa tha an Alba ‘s gun robh fadachd orra gum faigheadh iad an sàs sa chùis!

Seo ceangal airson bhideo mu Masterworks: https://youtu.be/i4GSGIoERTg

Tweets by eSgoil