Chaidh a’ chiad choinneamh ann an sreath de thachartasan anns an robh eòlaichean gnìomhachais ag innse do sgoilearan àrd-sgoile mu na h-obraichean aca agus na cothroman a tha ag èirigh nan roinntean, a chumail aig e-Sgoil Dimàirt 5mh den Dùbhlachd 2017.
An turas sa ’s iad Ruairidh MacAoidh bho IMK Insurance agus Iain MacAmhlaigh bhon Independent Mortgage Shop a bhruidhinn mun eòlas a th’ aca air àrachas agus seirbheisean ionmhais.
Bha dà sheisean ann, a’ chiad fhear le sgoilearan Sgoil Sir E Scott anns na Hearadh anns an deach teicneolas e-Sgoile a chur gu feum, mus do choinnich sgoilearan bho Sgoil ’ic Neacail ris na h-eòlaichean ann an togalach e-Sgoile.
Cho math ri bhith ag ionnsachadh bho eòlaichean mu roinntean eaconomaigeach sònraichte, tha na coinneamhan aig àm lòin a’ toirt cothroim don òigridh faighinn a-mach mu ciamar a gheibhear a-steach do dhreuchdan tro bhith a’ bruidhinn air farsaingeachd de dhòighean ionnsachaidh a leithid preantasachd agus teisteanasan dreuchdail eile.
Nochd àireamh mhath de dhaoine òga agus bha e follaiseach gu robh ùidh aca sa chuspair is iad a’ faighneachd cheistean gu leòr mu obraichean anns na roinntean gnìomhachais sin agus dè na cothroman a bhios ann dhaibh.
Thathar an dùil an ath choinneamh a chumail san Fhaoilleach 2018 agus ’s iad na Meadhanan is Gnìomhachasan Cruthachail a bhios mar chuspair an uair sin.