CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

COTHROM DO SGOILEARAN CURSAICHEAN GAIDHLIG AIG IRE NAISEANTA 5 NO ARD-IRE A DHEANAMH

COTHROM DO SGOILEARAN CURSAICHEAN GAIDHLIG AIG IRE NAISEANTA 5 NO ARD-IRE A DHEANAMH

Tha e-Sgoil a’ toirt cothrom do sgoilearan bho air feadh Alba cùrsa Nàiseanta 5 no Ard-ìre a dheanamh ann an Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) ann an 2020/21. Bidh seo a’ tòiseachadh anns an t-Og-mhios 2020. Bheir e cothrom do sgoilearan ceangal a-steach ri 5 leasanan gach seachdain agus cha bhi cosgais sam bith na luib.

Cleachdaidh sgoilearan VScene gus pàirt a ghabhail sna leasanan agus thathas cuideachd an dùil clasaichean cudeachaidh a chur air dòigh gus tuilleadh taic a thoirt do sgoilearan. Thathas an dochas gum bi sgoilearan bho air feadh na dùthcha sa chlas agus gum faigh iad cothrom sgilean didseatach a leasachadh a bharrachd air a bhith ag iojnnsachadh Gàidhlig.

Tha na cùrsaichean seo air am maoineachadh le taic bho Riaghltas na h-Alba

Bu choir do sgoilearan a tha am beachd cuir a-steach airson na cùrsaichean foirm iarrtais a lìonadh a-steach as deidh dhaibh bruidhinn an toiseach ri tidsear-treòrachaidh.

Tweets by eSgoil