CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Cuirm-dhuais Dìleab an t-Siorraidh 2019

Sgoilear Bun-sgoil Steòrnabhaigh air thoiseach le còmhradh beòthail mun Mhòd

Air Dihaoine 24mh den Chèitean chaidh cuirm-dhuais Dìleab an t-Siorraidh 2019 a chumail ann an e-Sgoil. Am-bliadhna, ghabh 37 sgoilearan P7 bho air feadh Leòdhais agus na Hearadh pàirt sa cho-fharpais agus ’s i Halle Durbin bho Bhun-sgoil Steòrnabhaigh a rinn a’ chùis. San taisbeanadh aice bhruidhinn i mun Mhòd agus dè cho math ’s a tha e a’ còrdadh rithe a bhith gabhail pàirt ann. ’S e thug buaidh shònraichte air na britheamhan, cho siùbhlach is fileanta ’s a bha i anns a’ chòmhradh a lean. Rinn a h-uile duine gàire nuair a chluichear criomag bheag den mheasadh aice is i ag innse mu ciamar a thachair i ri aon de na tìdsearan aice fhad ’s a bha i a’ cluich ciùil air sràidean Steòrnabhaigh. Fhuair Halle tesisteanas snasail cho math ri duais airgid de £50. ’S e Robbie Maccoinnich bho Sgoil Bhrèascleit a bha san dàrna àite agus Bella Wilson bho Sgoil a’ Bhac san treas àite.

Robbie Maccoinnich, Sgoil Bhrèascleit

Chaidh Dìleab an t-Siorraidh a chur air bhonn leis an t-Siorraidh Cailean Scott Maccoinnich gus sgoilearan ann an Leòdhas agus na Hearadh a bhrosnachadh gus na sgilean cànain aca a chur gu feum is leantainn orra leis a’ Ghàidhlig aon uair ’s gun ruig iad an àrd-sgoil. Fhuair a h-uile sgoilear a ghabh pàirt £10 cho math ri teisteanas, agus bha duaisean na b’ àirde ann airson nan triùir à b’ fheàrr. B’ e seo an dàrna bliadhna a bha am pròiseact a’ ruith.

Gus pàirt a ghabhail, feumaidh sgoilearan òraid no taisbeanadh de mu chòig mionaidean ullachadh air cuspair sam bith a thogras iad agus an uair sin leanaidh còmhradh gus leigeil leis na bhritheamhan tomhas nas fheàrr a dhèanamh air na comasan labhairt aca. Thuirt britheamhan na bliadhna, Anna Nicsuain agus Iain Macartair: “Mhothaich sinn gun robh grunn de na sgoilearan na bu shiùbhlaiche agus na bu chomhfhurtail nuair a fhuair iad an òraid seachad agus bha còmhradh math againn ris a’ chuid mhòr aca as dèidh sin. Shaoil leinn gur ann an uair sin a bha an cànan nàdarrach a’ nochdadh aig cuid.”

Tha Dìleab an t-Siorraidh ag amas air sgoilearan Leòdhais agus na Hearadh a-mhàin ach, le taic airgid bho Chomhairle nan Eilean Siar, tha pròiseact ùr, Dìleab aig Deas, gu bhith tabhainn an aon chothrom do sgoilearan P7 ann an Uibhist agus Barraigh. Ruithidh am pròiseact seo airson a’ chiad uair san t-seachdainn mu dheireadh den Chèitean.

Bu mhath leinn taing mhòr agus mealaibh ur naidheachd a ràdh ris a h-uile sgoil agus sgoilear a ghabh pàirt ann an Dìleab an t-Siorraidh 2019 agus tha sinn an dòchas gum bi bliadhna a cheart cho soirbheachail againn ann an 2020!

Tweets by eSgoil