CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

NAIDHEACHDAN

Cùrsa Saidheans Bun-Sgoile

Tha e-Sgoil agus Stòrlann air cead fhaighinn bho Roinn na Gaidhealtachd airson an cùrsa Saidheans bun-sgoile aca eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Bidh seo air leth feumail do luchd-teagaisg ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh Alba. Tha teagasg Saidheans air a bhith na fhìor dhùbhlan chun a seo leis cho gann ‘s a bha stuthan tarraingeach, aig ìre fhreagarrach, ann an Gàidhlig.