CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Niall MacGilleFhaolain bho Sgoil Dhalabroig sa chiad àite

Niall MacGilleFhaolain bho Sgoil Dhalabroig sa chiad àite

Anns na làithean mu dheireadh den Chèitean 2019, chaidh pròiseact ùr, Dìleab aig Deas, a chumail airson a’ chiad uair. ’S e amas a’ phròiseict seo, a bhith toirt air adhart sgilean cànain cloinne P7 ann an Uibhist is Barraigh agus am brosnachadh leantainn orra le bhith bruidhinn na Gàidhlig nuair a thèid iad dhan àrd-sgoil. Tha an aon sheòrsa pròiseict airson sgoilearan Leòdhais agus na Hearadh, Dìleab an t-Siorraidh, san dàrna bliadhna a-nis.

Gus pàirt a ghabhail, feumaidh sgoilearan taisbeanadh beag ullachadh air cuspair sam bith a thogras iad, mus lean còmhradh le dithis bhritheamh. Thathar a’ cleachdadh teicneòlas e-Sgoile agus mar sin faodaidh na sgoilearan fuireach anns na sgoiltean aca agus bruidhinn ris na britheamhan tro sgrìn. Roinn Catrìona NicIlleDhuibh, Sìne Stiùbhart agus Uisdean Robasdan an obair britheamhachd eatarra am-bliadhna agus iad stèidhichte ann an oifisean e-Sgoile ann an Sgoil Chàirinis fhad ’s a bha an fharpais a’ dol air adhart.

Ghabh a h-uile bhun-sgoil anns na h-eileanan mu dheas pàirt agus bha 27 sgoilearan an sàs uile gu lèir. Bhruidhinn iad mu fharsaingeachd de chuspairean, a leithid nan sgìrean às an robh iad, lùth-chleasachd, iasgach agus pìobaireachd. Is cinnteach gum faigh Lucy Lindsay rionnag òir is i ag innse dhuinn mu dè cho math ’s a tha Sgoil Dhalabroig a’ còrdadh rithe! Bha dùbhlan mòr ro na britheamhan. Mu dheireadh thall, agus an dèidh tòrr cnuasachaidh, cho-dhùin iad gur e Niall MacGilleFhaolain bho Sgoil Dhalabroig a rinn a’ chùis le chòmhradh mu chroitearachd, agus gur iad Grace Hamilton bho Sgoil Bhaile a’ Mhanaich agus Caitaidh NicIlleathain bho Sgoil Uibhist a Tuath a bha còmhla san dàrna àite. ’S e cho siùbhlach ’s a bha an còmhradh aca agus cho nàdarra ’s a bha am briathrachas, a chuir iad air thoiseach air càch. Mealaibh uile ur naidheachd!

Sgoil Dhalabroig pupils with competition winner, Niall MacLellan

Fhuair a h-uile sgoilear a ghabh pàirt teisteanas snasail cho math ri duais de £10, bha duais de £50 ann airson an fhir a bhuannaich is £30 airson an fheadhainn san dàrna àite. Bha am pròiseact air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar am-bliadhna agus tha Bòrd na Gàidhlig air taic-airgid a ghealltainn gus Dìleab aig Deas a thabhainn a-rithist ann an 2020. Thathar an-dràsta a’ sireadh beachd nan tidsearan mu ciamar a ghabhas am pròiseact a leasachadh.

Bu mhath leinn meal-a-naidheachd a chur air a h-uile sgoilear a ghabh pàirt agus taing mhòr dha na tìdsearan airson na h-ùine a chuir iad seachad ann a bhith ag ullachadh airson a’ phròiseict. Taing shònraichte do John James aig Sgoil Eòlaigearraidh a chùm taic rinn an sin on nach eil tidsear Gàidhlig aca!

Tweets by eSgoil