CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Dìleab aig Deas

Pròiseact ùr Gàidhlig do sgoilearan ann an Uibhist is Barraigh ga chur air chois

Tha pròiseact ùr, Dìleab aig Deas, do sgoilearan P7 ann an Uibhist agus Barraigh, gu bhith ga ruith ann an co-obrachadh eadar e-Sgoil, Urras Dìleab an t-Siorraidh agus Comhairle nan Eilean Siar. Stèidhichte air Dìleab an t-Siorraidh, pròiseact a thachair airson a’ chiad uair ann an 2018, bidh cothrom aig clann nan eilean mu dheas buannachd fhaighinn às na sgilean cànain aca le bhith dol an sàs ann an co-fharpais labhairt.

Gheibh a h-uile sgoilear a ghabhas pàirt duais de £10 cho math ri teisteanas, agus bidh duaisean nas àirde ann dhan fheadhainn as fheàrr. Airson pàirt a ghabhail, feumaidh clann òraid de mu chòig mionaidean air cuspair sam bith ullachadh, mus lean còmhradh neo-fhoirmeil gus comasan-labhairt na cloinne a mheas.

Thuirt Maletta NicPhàil agus Dòmhnall Màrtainn, a bha nam britheamhan aig Dìleab an t-Siorraidh an-uiridh: “Bha e follaiseach gun do chòrd e gu mòr ri na sgoilearan agus an luchd-teagaisg agus thuig sinn gun tug e misneachd mhòr dhaibh com-pàirt a ghabhail ann am pròiseact a bha a’ cur ri na sgilean rannsachaidh, cànain agus còmhraidh aca.

A’ bruidhinn air na cuspairean, lean iad: “Chòrd e rinn fìor mhath gun do nochd deagh mheasgachadh de chuspairean. Tha an tarraing fhèin fa leth ann an rudan làitheil agus ann an rudan nach eil cho cumanta. Cha leig an cuspair a leas a bhith annasach airson còmhradh beòthail a dhèanamh.”

Chaidh fios a sgaoileadh dhan h-uile bun-sgoil ann an Uibhist is Barraigh aig toiseach a’ Ghearrainn agus thathar a-nis ag ullachadh clàr-ama airson nam measaidhean. Faodaidh sgoilearan a bhith air am meas ans na sgoiltean aca fhèin le bhith bruidhinn ris na britheamhan tro sgrìn, goireas a tha ga chur an comas le teicneòlas e-Sgoile. Thathar an dùil gun gabh na measaidhean àite anns a’ Chèitean.

A rèir bun-stèidh Urras Dìleab an t-Siorraidh, urras a chuir an Siorraidh Cailean Scott Maccoinnich OBE air chois le £50,000 den airgead aige fhèin, cha ghabh airgead an urrais a chosg ach ann an Leòdhas agus na Hearadh a-mhàin. Mar sin, gus an aon chothrom a thabhann do sgoilearan ann a’ chòrr de na h-eileanan, tha Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh cosgaisean Dìleab aig Deas a ghabhail thairis am-bliadhna, fhad ’s a bhios e-Sgoil gu mòr an sàs ann an rianachd a’ phròiseict. Tha an Urras Dìleab an t-Siorraidh an-dràsta a’ sireadh maoineachaidh airson Dìleab aig Deas a chumail a’ dol anns na bliadhnaichean ri thighinn.

Airson barrachd fiosrachaidh no airson ùidh a chlàradh sa phròiseact, cuiribh brath gu Mira Byrne: mbyrne1u@gnes.net.

Tweets by eSgoil