CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Dìleab an t-Siorraidh 2019

Pròiseact gus Gàidhlig a bhrosnachadh am measg sgoilearan P7

An dèidh pìleit gu math soirbheachail ann an 2018, thathar a-nis ag ullachadh airson Dìleab an t-Siorraidh 2019. ’S e amas a’ phròiseict sgoilearan P7 a bhrosnachadh gus an sgilean Gàidhlig a chur gu feum is bruidhinn air cuspair sam bith a roghnaicheas iad. Tha uidheamachd e-Sgoile, a tha a’ cumail taic ris a’ phròiseact, a’ leigeil le sgoilearan na measaidhean a dhèanamh air beulaibh sgrìn sna sgoiltean aca fhèin.

An-uiridh, ghabh 45 sgoilear bho bhun-sgoiltean air feadh Leòdhais agus na Hearadh pàirt agus ’s e Daniel Macleòid far a’ Bhac a bhuannaich le òraid tharraingeach, bheòthail mu na cait aige. Bha cuirm-dhuais aig e-Sgoil aig an robh àireamh mhòr de sgoilearan is aoighean an làthair; nam measg Malcolm Burr, Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair Allan BPA, agus an Siorraidh Cailean Scott Maccoinnich a chur am pròiseact air bhonn leis an airgead aige fhèin. Gheibh a h-uile sgoilear a ghabhas pàirt £10, agus tha duaisean nas àirde ann don fheadhainn as fheàrr.

Am-bliadhna, thathar an dòchas am pròiseact a leudachadh gu na h-eileanan mu dheas agus tha an t-urras an-dràsta a’ sireadh maoineachaidh airson cuideachadh leis na cosgaisean a bharrachd a bhiodh na luib.

Tweets by eSgoil