CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Cuirm bogaidh airson pròiseact ùr Gàidhlig

Dìleab an t-Siorraidh ga chur air chois aig e-Sgoil

Thàinig daoine bho air feadh Leòdhais agus na Hearadh cruinn còmhla aig e-Sgoil air feasgar Diciadain 7mh Gearran 2018, gus cluinntinn mu Dhìleab an t-Siorraidh, pròiseact ùr air a stèidheachadh leis an t-Siorraidh Cailean Scott MacCoinnich, mar thoradh air an ùidh mhòr a th’ aige ann an Gàidhlig.

A’ toirt seachad òraid, thuirt an Siorraidh, a tha na neach-ionnsachaidh adhartach, gun deach innse dha ann an làithean òige nach maireadh a’ Ghàidhlig fada, ach gu robh i beò fhathast agus e dòchasach gum bitheadh gu siorraidh bràth. “Tha gach cànan san t-saoghal prìseil na dhòigh fhèin,” ars’ esan, “agus tha a’ Ghàidhlig na cànan gu math sònraichte dhuinne.” Dh’innis e dhan luchd-èisteachd mar a bha e air cur roimhe an t-airgead aige fhèin a chleachdadh gus an òigridh a bhrosnachadh airson na sgilean cànain aca a chur gu feum. Ged a thòisicheas seo am-bliadhna mar phròiseact pìleit, ann an Leòdhas agus na Hearadh a-mhàin, thathar an dòchas gun cùm Dìleab an t-Siorraidh a’ dol son ùine fhada agus gun tèid a leudachadh thairis air na h-eileanan le taic airgead dhaoine eile.

Bha riochdairean bho sgoiltean, eaglaisean is buidhnean Gàidhlig an làthair am measg eile is fhuair iad cothrom ceistean fhaighneachd mus tàinig a’ chuirm gu crìch le ceòl bho luchd-ciùil òg Sgoil ‘ic Neacail.

Thathar an dòchas gun tòisich clann, le taic bho thìdsearan is pàrantan, ag ullachadh airson na co-fharpais a-nis agus thathar ag amas measaidhean a chumail ro dheireadh a’ Chèitein.

Tweets by eSgoil