CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Duaisean Dìleab an t-Siorraidh 2018 air an toirt seachad

Daniel Macleòid bho Sgoil a’ Bhac anns a’ chiad àite

Chaidh cuirm dhuais a chumail aig e-Sgoil air Dihaoine 22 den Ògmhios far an deach teisteanasan is duaisean airgid a thoirt seachad dha na sgoilearan a ghabh pàirt ann am measaidhean Dìleab an t-Siorraidh am-bliadhna.

Airson pàirt a ghabhail chaidh iarraidh orra òraid bheag de mu chòig mionaidean air cuspair sam bith ullachadh agus an uair sin a’ còmhradh ri dithis bhritheamh, Dòmhnall Màrtainn agus Maletta NicPhàil, son mu chòig mionaidean eile. Mar a bha dùil, nochd farsaingeachd de chuspairean agus bha obair dhuilich ro na britheamhan! ’S e Daniel Macleòid, bho Sgoil a’ Bhac, a rinn a’ chùis mu dheireadh thall le còmhradh beòthail, brìghmhor mu na cait aige. Thuirt na britheamhan: “Bha an còmhradh dìreach tlachdmhor agus cho nàdarrach agus a ghabhadh. Chòrd e rinn cho comhfhurtail agus a bha Daniel còmhla rinn.”

Ao-coltach ri co-fharpaisean eile den t-seòrsa seo, chaidh teicneòlas e-Sgoile a chur gu feum sa phròiseact seo, a’ leigeil leis na sgoilearan còmhradh ris na britheamhan tro sgrìn bho na sgoiltean aca fhèin. Fhuair Daniel 58 puingean a-mach à 60, comharra fìor àrd, le Leanne Davis bho Bhun-sgoil Steòrnabhaigh dlùth air a shàilean, agus Seumas Mac a’ Ghobhainn (Bun-sgoil Steòrnabhaigh) agus Aonghas Caimbeul (Sgoil an t-Òib) còmhla san treas àite. Bha duaisean airgid ann: £10 son a h-uile sgoilear a ghabh pàirt agus sùimean nas àirde, suas ri £50, son an fheadhainn a b’ fheàrr.

Bha riochdairean bho dhiofair buidhnean an làthair aig a’ chuirm, nam measg am BPA Alasdair Allan, Murchadh Moireasdan bho Bhòrd na Gàidhlig agus Malcolm Burr as leth na Comhairle. Rinn iad uile moladh mòr air a’ chloinn airson nan oidhirpean aca is bhrosnaich iad iad cumail a’ dol leis a’ Ghàidhlig. Chaidh luaidh a dhèanamh air fialaidheachd an t-Siorraidh Cailean Scott MacCoinnich a thug seachad na duaisean is a chuir am pròiseact seo air bhonn le airgead fhèin gus sgoilearan a bhrosnachadh gus na sgilean labhairt aca sa Ghàidhlig a chur gu feum. Ghabh 47 sgoilear P7 bho 12 bun-sgoil ann an Leòdhas agus na Hearadh pàirt.

Thathar an dòchas gun tèid am pròiseact bho neart gu neart agus gun tèid a leudachadh dha na h-eileanan mu dheas anns na bliadhnaichean ri thighinn. A bharrachd air na buannachdan dha na sgoilearan a ghabhas pàirt, tha ùidh aig FoghlamAlba anns na measaidhean is iad an dòchas gun gabh an chleachdadh mar shlatan-tomhais de chomasan Gàidhlig sgoilearan a tha an ìmpis a’ bhun-sgoil fhàgail.

Tweets by eSgoil