CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Fiosrachadh saidheans air-loidhne do sgoilearan bun-sgoile

Eòlaichean a’ bruidhinn ri cloinn mu chothroman ann an STEM

Fhuair sgoilearan P5-7 aig Sgoil an Tairbeirt cothrom ionnsachadh mu shaidheans bho thìdsear Bith-eòlais ann an sreath de chlasaichean seachdaineil. Rinnear fèill mhòr air na leasanan pragtaigeach seo agus tha fhios gun do chuidich iad na sgoilearan a bhith a’ leasachadh dòigh-smaoineachaidh shaidheansail aig aois òg.

Thàinig an t-sreath gu crìch le seisean air-loidhne, air Vscene, anns an robh Charlie Stiùbhart, bho Skills Development Scotland, ag innse do na sgoilearan mu chothroman-obrach ann an roinnean STEM  agus a’ toirt orra a bhith ag obair ann am buidhnean.

An uair sin, fhuair iad cothrom ceistean fhaighneachd do Dhòmhnall Iain Dòmhnallach, oileanach PhD ann an niùro-saidheans aig Oilthigh Colaiste Lunainn, a tha a’ rannsachadh dhaoine nach eil a’ faireachdainn pèin. Chòrd an còmhradh riutha cho math is gun do chùm iad orra a’ faighneachd cheistean fada an dèidh dhan chlag an clas a thoirt gu crìch gu h-oifigeil! Ghlac am micreosgop, fiach millean not, a bha air a thaisbeanadh ann an obair-lann ann an Lunainn an aire gu mòr.

A’ bruidhinn mun phròiseact, thuirt an tìdsear Bith-eòlais Joan Cumming: “Chan eil teagamh ann gun urrainn dha seiseanan e-Sgoile cur ri ionnsachadh sa bhun-sgoil. ’S e amas a’ phròiseict seo a bhith a’ cur am meud na tha de chothroman ionnsachadh mu shaidheans ann an seòmar-clas agus a bhith a’ misneachadh thìdsearan airson clasaichean saidheans a tha aig àrd-ìre a lìbhrigeadh. Bha e cuideachd na phrìomhachas a bhith a’ leasachadh ghoireasan a ghabhas cleachdadh le tìdsearan gus saidheans a lìbhrigeadh ann an Gàidhlig.”

Tweets by eSgoil