CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Lasadh

Lasadh

Dh’ iarr Comhairle Earra Ghaidheil agus Bhòid seisean treànaidh air Lasadh.co.uk airson taic a chur ri luchd-teagaisg na Gàidhlig. ‘S e cruinneachadh de ghoireasan teagaisg airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chaidh a chur re chèile le Stòrlann a th’ ann an Lasadh.

Tha gainne de in-sheirbheisean Gàidhlig ann an-dràsta ‘s air sgath ’s cho iomallach sa tha na sgoiltean na sgìre, dh’ iarr a’ chomhairle air Stòrlann trèanadh air loidhne a chur air chois dhaibh. Lìbhrig luchd-obrach Stòrlainn an in-sheirbheis tro e-Sgoil agus a dha de na h-oifisean iomallach aca fhèin. Thàinig 6 luchd-teagaisg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig a-steach air a’ chùis bho chòig làraich ann an Earra Ghaidheil ‘s fhuair iad fiosrachadh mun ghoireas agus beachdan air mar a ghabhadh na stuthan cleachdadh. Bha cothrom ann an uairsin ceistean fhaighneachd agus chòrd an tachartas gu mòr ris na ghabh pàirt.

Thuirt aon neach, ged a bha cothrom goireas Vscene a chleachdadh aig a h-uile neach-teagaisg ann an Earra Ghaidheil, gun do dhearbh an seisean seo cho feumail sa bhiodh a leithid dhan h-uile neach-teagaisg san roinn. Tha e cuideachd a’ sealltainn cho cudromach sa tha e a bhith cumail sùil air browsers agus a leithid sin air lionradh nan sgoiltean.

‘S e dòigh eifeachdach a th’ ann an seo a thaobh a bhith sàbhaladh air siùbhal agus àiteachan fuirich. Le bhith cleachdadh nan dòighean seo, bha e comasach dhuinn treànadh a thoirt do thidsearan aig àm sgoile gun droch bhuaidh a thoirt air an cuid obrach.