CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Leugh Leam – Buidheann-leughaidh is còmhraidh air-loidhne

e-Sgoil is Comhairle nan Leabhraichean a’ co-obrachadh air pròiseact ùr

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus e-Sgoil a’ stèidheachadh buidheann-leughaidh Gàidhlig air-loidhne, ‘Leugh Leam’. Bidh am buidheann a’ tighinn còmhla gach mìos airson bruidhinn mu nobhailean, sgeulachdan goirid agus leabhraichean neo-fhicsean anns a’ Ghàidhlig.

Le bhith cleachdadh Vscene, bidh e comasach do leughadairean Gàidhlig aig ìre sam bith, ann an sgìre no dùthaich sam bith, pàirt a ghabhail cho fad ’s a tha uidheamachd bhunasach aca. ’S urrainn dha daoine ceangal a-steach bhon taigh no an oifis aca fhèin, ach bidh cuideachd cothrom ann tighinn cruinn còmhla ann am buidhnean beaga a tha gu bhith coinneachadh ann an corra àite. Mas fheàrr leibh a bhith ann an seòmar còmhla ri daoine, faodaidh sibh tighinn gu e-Sgoil Steòrnabhaigh (44 Sràid Fhrangain), e-Sgoil Chàirinis (Seann Taigh-Sgoile) no bùth Chomhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu (32 Sràid Achadh a’ Mhansa). Gheibhear an liosta as ùire de dh’àiteachan air www.gaelicbooks.org. Ma tha sibh ann an sgìre eile is buidheann-leughaidh agaibh mar-thà, carson nach tig sibh còmhla air an oidhche gus pàirt a ghabhail sa chòmhradh?

’S ann air Dimàirt 26 Ògmhios aig 7:00f a bhios a’ chiad choinneamh agus bithear a’ còmhradh mu ‘An Nathair le Dà Shùil Dhearg’, nobhail ùr le Màiri E. NicLeòid, foillsichte le Acair.

Ged as e buidheann-leughaidh a th’ ann, chan fheumar a bhith mion-eòlach air an leabhar airson pàirt a ghabhail anns a’ chòmhradh agus cuiridh am buidheann fàilte air leughadairean aig ìre sam bith, bho luchd-ionnsachaidh gu fileantaich.

Gheibhear ìsleachadh de 10% air prìs an leabhair ron choinneimh air www.gaelicbooks.org leis a’ chòd LEUGHLEAM1 agus air www.acairbooks.com leis a’ chòd Nathair10. Tha an nobhail cuideachd ri fhaighinn mar e-leabhar air iTunes agus Kindle.

Airson pàirt a ghabhail, cuiribh fios gu Shelagh Chaimbeul aig Comhairle nan Leabhraichean (shelagh@gaelicbooks.org) agus gheibhear ceangal agus stiùireadh air ciamar a chleachdar Vscene. Tha an teicneòlas furasta ri chleachdadh – chan fheumar ach webcam agus maicreafòn.

Tweets by eSgoil