CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

A’ leasachadh Luchd-obrach nan Eilean airson an Àm ri teachd

Luchd-gnìomhachais a’ coinneachadh ri riochdairean na Comhairle

A’ leantainn air suirbhidh ‘feumalachdan-sgilean’ na bu tràithe sa bhliadhna, chaidh coinneamhan bracaist a chumail air Diciadain 13mh den Dùbhlachd 2017 gus beachdan luchd-gnìomhachais fhaighinn air na cothroman is dùbhlain anns na roinntean aca, gu h-àraidh co-cheangailte ri fastadh, trèanadh agus leantainneachd. Chruinnich daoine ann am Barraigh, na Hearadh agus Leòdhas aig an aon àm – bha coinneamhan air a bhith ann an Uibhist roimhe – agus bha mu 20 neach bho fharsaingeachd de roinntean an làthair. Nam measg bha riochdairean bho bhuidhnean coimhearsnachd, gnìomhachasan turasachd agus na h-ealain.

Bha còmhraidhean togarrach ann agus thàinig beachdan inntinneach am bàrr. Bha cuid de na feumalachdan a’ buntainn ri sgìre no roinn sònraichte, ach bha iarrtas thar roinntean ann airson sgilean gnìomhachais, cùram luchd-ceannaich, agus Gàidhlig airson an dà chuid luchd-ionnsachaidh is fileantaich. Thathar an dùil ri fàs mòr ann an urrasan coimhearsnachd, gnìomhachasan togail, agus ullachadh bìdh.

Ann an 2018 bidh seachd prògraman Preantasachd Bhunasaich rim faighinn ann am bliadhnaichean 4, 5 agus 6 anns a h-uile àrd-sgoil sna h-eileanan, air an tabhann ann an co-obrachadh le luchd-fastaidh agus Colaisde a’ Chaisteil/OGE. Gheibh sgoilearan fiosrachadh, sgilean, eòlas agus teisteanasan a thèid aithneachadh le luchd-fastaidh (aig ìre SCQF 6 – ‘Àrd-ìre’) ann an Cùram Chloinne, Einnseananaireachd, Sgilean Gnìomhachais, na Meadhanan Cruthachail Didseatach, Bathar-cruaidh IT, Ullachadh Bìdh is Deoch, agus Slàinte is Cùram Sòisealta.

Son barrachd fiosrachaidh cuiribh brath gu:

Iain Stiùbhairt, Stiùiriche Leasachadh Feachd-obrach ùir, e-Sgoil Steòrnabhaigh, istewart1e@gnes.net, 01851 822 850

air neo

Theona Mhoireasdan, Sgilean agus Iomairt, Griomasaigh, Uibhist, tmorrison1d@gnes.net, 01870 603 180

Tweets by eSgoil