CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Measaidhean Dìleab an t-Siorraidh gan cumail

Sgoilearan P7 a’ bruidhinn air iomadh cuspair

Bha seachdainn thrang dha-rìribh aig e-Sgoil aig meadhan a’ Chèitean is i aig teas-meadhan measaidhean Dìleab an t-Siorraidh. Chaidh am pròiseact seo a chur air bhonn leis an t-Siorraidh Cailean Scott MacCoinnich gus sgoilearan a bhrosnachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn, agus ’s e sin an dearbh rud a thachair! Ghabh 45 sgoilear pàirt bhon a h-uile bun-sgoil ann an Leòdhas is na Hearadh aig a bheil clas Gàidhlig aig ìre P7. A’ cur uidheamachd e-Sgoile gu feum, bhruidhinn na sgoilearan anns na sgoiltean aca fhèin ris an dithis bhritheamhan, Dòmhnall Màrtainn agus Maletta NicPhàil, a bha stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Dylan Pryer, Sgoil nan Loch

Dylan Pryer, Sgoil nan Loch

Bha dùbhlan ro na britheamhan ach chòrd e riutha gu mòr a bhith ag èisteachd ris na h-òraidean. Abair gun robh measgachadh de chuspairean ann! Chuala iad mu bheathaichean, croitearachd, dannsa Gàidhealach, call na h-Iolaire is diofair sgìrean nan eilean, cho math ri chuspairean nas neo-àbhaistiche a leithid nan Seann Èipheiteach agus am planaid Satarn.

Thathar a-nis a’ feitheamh ri coinneamh Urras Dìleab an t-Siorraidh far an tèid co-dhùnadh cò tha air buannachadh mus tèid na duaisean a thoirt seachad. Gheibh an neach a bhuannaicheas £50 agus bidh duais de £10 ann airson a h-uile sgoilear a ghabh pàirt.

Tweets by eSgoil