CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Ministear Obrach agus Treànaidh a’ tadhal air e-Sgoil

Ministear Obrach agus Treànaidh a’ tadhal air e-Sgoil

Thadhail Jamie Hepburn, Ministear Obrach agus treànaidh, air e-Sgoil air an 22mh den Lùnastal mar phàirt de Thachartas Leasachadh Luchd-Obrach Oga Innse Gall.

Thuirt am Ministear: ‘S e cothrom mìorbhaileach a th’ ann tadhal air e-Sgoil gus faicinn mar a tha am buidheann seo a’ toirt luchd-fastaidh agus sgoiltean gu chèile gus cothroman a thoirt do dhaoine òga barrachd ionnsachadh mu shaoghal na h-obrach.”

Thuirt Ceannard na Comhairle, Ruairidh Macaoidh: “ Bu toil leinn taing a thoirt do Mhgr. Hepburn airson ùine a ghabhail tighinn a dh’ fhaicinn beagan den deagh obair agus na leasachaidhean a tha dol an luib e-Sgoil. Chan ann a-mhàin dha na h-Eileannan an Iar a tha e-Sgoil ach do Alba gu lèir. ‘S e ar miann gum faigh a h-uile sgoilear cothrom air foghlam a tha air a dheanamh nas èifeachdaiche tro theicneòlas agus tha sinn taingeil airson na tha sinn air fhaighinn de thaic bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha a’ Chomhairle airson a bhith glè chinnteach gum faigh ar n-òigridh na sgilean agus na teisteanasan a bhios a dhìth orra airson soirbheachadh nam beatha obrach.

A thuilleadh air a sin, airson an treas bliadhna, air sreath a chèile, tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith os cionn a h-uile ùghdarras ionadail eile a thaobh àireamhan sgoilearan a shuidh aon teisteanas foghlam obrach aig ìre SCQF 5 no nas àirde.

Tha dàta bho Riaghaltas na h-Alba anns an Og- Mhìos 2017 a’ dearbhadh gu bheil 31.2% de dhaoine òga a tha fàgail sgoiltean nan Eilean Siar a’ faighinn 1 + teisteanasan foghlam obrach aig SCQF 5 no nas àirde.”

Tweets by eSgoil