CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Oidhche Fhosgailte mun Ghàidhlig

Cothrom don choimhearsnachd faighinn a-mach mu chothrom agus ag innse nam beachdan aca

Tha Oidhche Fhosgailte gu bhith ga cumail aig e-Sgoil air Dimàirt 19mh den Mhàirt aig 7f far am bi buidhnean a tha an sàs le tachartasan Gàidhlig cho math ri teagasg taobh a-muigh nan sgoiltean gu bhith ag innse do dhaoine mu na rudan anns a bheil iad an sàs, ach gu sònraichte airson faighinn a-mach mu na h-iarrtasan a tha anns a’ choimhearsnachd agus ciamar a b’ urrainn dhuinn taic nas èifeachdaiche a chumail ribh.

Chan eil e gu diofair dè an ìre de Ghàidhlig a th’ agaibh an-dràsta, ma tha ùidh agaibh anns na sgilean agaibh a thoirt air adhart, no barrachd Gàidhlig a chleachdadh, tha sinn airson cluinntinn bhuaibh.

Bidh an tachartas seo cuideachd freagarrach do phàrantan le cloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh bho dhuilleag facebook e-Sgoile https://www.facebook.com/E-Sgoil-818269925220852 no le bhith cur brath gu Mira Byrne mbyrne1u@gnes.net / 01851 822 850.

 

’S iad seo na buidhnean a tha air dearbhadh gum bi iad an làthair aig an ìre seo:

  e-Sgoil

Chaidh e-Sgoil a’ stèidheachadh gus taghadh de chuspairean a leudachadh ann an sgoiltean nan Eilean Siar agus taic a chumail ri foghlam Gàidhlig aig ìre ionadail agus nàiseanta. Thathar gu sònraichte airson cur ri co-ionnanachd eadar sgìrean iomallach agus bailtean mòra.

Am measg farsaingeachd de chuspairean eile, thathar an-dràsta a’ teagasg chlasaichean Gàidhlig/ Gaelic aig diofair ìrean gu sgoiltean air feadh na dùthcha. A bharrachd air sin, thathar a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig do dh’inbhich anns na h-eileanan agus air tìr mòr.

Bidh e-Sgoil ag obair ann an co-bhonn ri buidhnean eile gus cothroman a chruthachadh Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-clas. Bhathar an sàs le cùrsa ‘Ionnsaich an Neach-trèanaidh’ (Facilitation) aig Social Enterprise Academy, buidheann-leughaidh ‘Leugh Leam’ aig Comhairle nan Leabhraichean agus pìleat de dh’fharpaisean-ceist, uile air an ruith ann an Gàidhlig.

  Colaisde a’ Chaisteil, UHI

Tha Colaisde a’ Chaisteil UHI a’ teagasg chlasaichean agus cùrsaichean Gàidhlig bho ìre fhìor luchd-ionnsachaidh gu ìre Ph.D. Tha cùrsaichean-ceuma Oilthigh na Gàidhealtachd gan tabhann, cho math ri clasaichean Ùlpan agus teisteanasan Àrd-ìre SQA (Gaelic agus Gàidhlig).  Tro lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd, thathar a’ lìbhrigeadh chlasaichean ceuma gu oileanaich air feadh nan Eilean Siar, a’ cleachdadh measgachadh de cheangal VC agus stuthan-ionnsachaidh air-loidhne. Tha sinn air a bhith a’ dèanamh sin gu soirbheachail airson còrr is 15 bliadhnaichean.

 Tha sinn cuideachd a’ libhrigeadh agus a’ leasachadh chùrsaichean goirid, leithid Sloinntearachd agus Cultar Dùthchasach.  A thuilleadh air an seo, bidh sinn a’ teagasg Sgoiltean Samhraidh gach bliadhna do dh’oileanaich Gàidhlig à colaistean agus oilthighean na h-Alba.

  Comunn na Gàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig a’ cur air dòigh thachartasan tro mheadhan na Gàidhlig do dhaoine òga air feadh na h-Alba. Am measg na thathar a’ tabhann tha buidhnean Sradagan, campa Sradagan bliadhnail agus teisteanasan a leithid Duais Iain Muir.

Na phàirt de Chomunn na Gàidhlig, tha Spòrs Gàidhlig na iomairt ùr a leigeas le cloinn cur-seachadan air a’ bhlàr a-muigh a fhrithealadh tro mheadhan na Gàidhlig. Stèidhichte san Aghaidh Mhòir, ach ro dheònach siubhail a dh’àite sam bith, tha sgioba Spòrs Gàidhlig a’ tabhann cuairtean coiseachd, sligheadaireachd, claiseachd, sgitheadh is eile.

 Ionad Ioma Mheadhain, CnES

Tha Aonad Ioma Mheadhan Chomhairle nan Eilean Siar suidhichte taobh a-staigh Roinn Foghlaim, Sgilean is Seirbheisean Chloinne. Is e prìomh amas an Aonaid taic a chumail ri sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann a bhith a’ cruthachadh ghoireasan.  Tha sinn cuideachd an sàs ann a bhith a’ brosnachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar.  A thuilleadh air a bhith a’ cruthachadh stiogairean, postairean agus goireasan taic eile, tha an t-Aonad cuideachd an sàs ann an obair fiolmaidh.  Bha Ionad Ioma Mheadhain os cionn pròiseact Dìleib an-uiridh agus thathar an-dràsta ag obair gus an ath ìre a thoirt gu buil.

  Foghlam is Ionnsachadh Coimhearsnachd

Tha Fogham is Ionnsachadh Coimhearsnachd aig Comhairle nan Eilean Siar ag amas air a bhith toirt cothruim do dhaoine òga na comasan Gàidhlig aca a thoirt air adhart, cho math ri bhith a’ leasachadh agus a’ leudachadh chothroman-obrach tro mheadhan na Gàidhlig a tha ri fhaighinn do dh’òigridh, tro bhith a’ co-obrachadh agus a’ cumail taic ri obair bhuidhnean coimhearsnachd. Tha sinn an sàs le àireamh mhath de dh’iomairtean a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd, a leithid a’ phròiseict eadar-ginealaich ‘Musical Memories’ agus Fèis Taigh Dhonnchaidh.

Tweets by eSgoil