CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Pìobaireachd gu leòr

Còmhlan Pìoba Òigridh Lèodhais agus na Hearadh ag ullachadh airson co-fharpais

Tha a-nis mu 30 pìobaire ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh agus tha mòran dhiubh an sàs ann an Còmhlan Pìoba Òigridh Leòdhais agus na Hearadh. Tha an comataidh, a chaidh a stèidheachadh bho chionn ghoirid, air an còmhlan a chlàradh mar charthannas agus thathar an dòchas gun cuidich seo cur ri fàs a’ chòmhlain san àm ri teachd. Thathar cuideachd air plana leasachaidh a chur an gnìomh. Tha an còmhlan a’ coinneachadh gu tric agus tha roinn leasachaidh ann a-nis cho math ris a’ chòmhlan-pìoba àbhaisteach. Tha fàilte chridheil air pìobairean ùra aig àm sam bith!

Tha Còmhlan Pìoba Òigridh Leòdhais agus na Hearadh an dùil dol an luib Farpais Còmhlain Pìoba Sgoiltean na h-Alba am-bliadhna, a bhios ga cumail ann am Baile Dhunlèibhe air 10mh den Mhàirt. Bidh còrr is 65 còmhlan a’ gabhail pàirt san tachartas seo agus, a bharrachd air farpaisean pìobaireachd àbhaisteach, faodar feuchainn ann an iomadh roinn eile, a leithid ceòl-cheathrar son luchd-tòiseachaidh agus roinn shaor-stoidhlach (freestyle) anns an gabh diofair stoidhlichean is ionnsramaidean-ciùil a mheasgachadh. Ann an 2016, ràinig Còmhlan Pìoba Òigridh Leòdhais agus na Hearadh an treas àite san roinn Debut A. B’ e sin a’ chiad uair a ghabh iad pàirt sa cho-fharpais agus thathar an dòchas gun tèid aca air togail air seo ann an 2019.

Bho chionn ghoirid, fhuair an còmhlan fichead pìob air iasad bho Urras Còmhlain-Pìoba Sgoiltean na h-Alba (SSPBT). ’S e amas an SSPBT a bhith glèidheadh dualchas ciùil prìseil na h-Alba le bhith brosnachadh chòmhlanan-pìoba ann an sgoiltean poblach air feadh na h-Alba. Gheibh pìobairean a’ chòmhlain pìob air iasad fad trì bliadhnaichean agus an dèidh sin bidh cothrom aca a ceannach aig prìs reusanta. Tha Còmhlan Pìoba Òigridh Leòdhais agus na Hearadh gu math taingeil do SSPBT airson na taice fhialaidh seo is cuideachd airson iomairtean eile a leigeas leis a’ chòmhlan fàs.

Tweets by eSgoil