CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Panail mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Clàradh den tachartas ri fhaighinn air-loidhne

Feumaidh pàrant sam bith aig a bheil clann a thèid dhan bhun-sgoil am-bliadhna an clàradh anns na làithean ri thighinn is mar sin tha co-dhùnadh ri dhèanamh an cuir iad an cuid chloinne gu taobh Gàidhlig no Beurla. Le sin agus co-dhunadh na Comhairle gum faigh clann Foghlam Gàidhlig ach a-mhàin ma dh’iarras na pàrantan aca a’ chaochladh, tha barrachd deasbaid mun chuspair ann na bha riamh.

Gus aire dhaoine a thoirt chun nam buannachdan a tha an luib FMG – agus dà-chànanas san fharsaingeachd – ag innse mu na goireasan is an taic a tha ann do chloinn cho math rim pàrantan agus cothrom a thoirt do dhaoine ceistean sam bith a thogail, chùm e-Sgoil deasbad mun chuspair sin. Bha panail de dheichnear ann air a dhèanadh an àirde de sgoilearan, pàrantan is tidsearan FMG cho math ri riochdaire bho Chomhairle nan Eilean Siar. ’S e Coinneach Mac a’ Ghobhainn, riochdaire is neach-rannsachaidh aig BBC Radio nan Gàidheal, a bha sa chathair. Chaidh an tachartas a’ craoladh beò tro làrach-lìn e-Sgoile agus tha clàradh den oidhche ri fhaighinn tron cheangal seo: http://e-sgoil.com/gmepanel no https://vimeo.com/386207714 ma chleachdar app Vimyo. (Tòisichidh an deasbad fhèin aig mu 30 mionaidean.)

Nochd pailteas de bheachdan bho iomadh sealladh, ach thog aon rud ceann a-rithist ’s a-rithist: chan eil comasan Gàidhlig nan ana-cothrom air dhòigh sam bith, ’s e daonnan buannachd a th’ ann. A bharrachd air cothroman-obrach – agus tha barrachd is barrachd roinnean is ghnìomhachasan a’ sireadh luchd-obrach le comasan Gàidhlig, mar a mhìnich Frances Webster bho Leasachadh Sgilean na h-Alba – tha clann aig a bheil còrr is aon chànan gu tric nas comasaiche ann am farsaingeachd de chuspairean-sgoile, tha dà-chànanas a’ neartachadh chomasan cognatach agus dh’fhaodadh iad fiù ’s bacadh a chur air tinneasan a leithid Alzheimer’s.

Bha e cuideachd follaiseach nach eil gainnead de ghoireasan-taice ann, an dà chuid airson sgoilearan FMG agus airson am pàrantan. Mar a mhìnich Innes Scott aig a bheil balach ann am P3:

Leis an fhìrinn, cha b’ e mo thaghadh-sa a bh’ ann ga chur gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ach tha Gàidhlig aig a mhàthair agus mo mhàthair-chèile agus thuirt iadsan gum b’ e sin an rud a b’ fheàrr dha. Nuair a thòisich e tighinn dhachaigh bhon sgoil ghabh mi eagal – bha eagal orm nach bithinn comasach air a chuideachadh le obair-dhachaigh agus thug sin orm [Gàidhlig] ionnsachadh còmhla ris. Chanainn, gun teagamh sam bith, gur e an co-dhùnadh as fheàrr a bh’ ann. Tha dol leis gu math san sgoil agus, fhios agad, fìor thoil leis a bhith dol dhan sgoil.”

Thog am panal ùidh ann an iomadach àite agus bha co-dhiù 80 neach anns na h-Eileanan Siar ga choimhead air a’ chiad oidhche. Thathar an dòchas gun deach na ceistean aca a fhreagairt, am misneachadh ’s a bhrosnachadh, is gum faicear an àireamh de chloinn ann am FMG sna h-eileanan a’ dol an àirde ann am 2020/21.

Tweets by eSgoil