CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

NAIDHEACHDAN

Taisbeanaidhean Oileanach Teagaisg

15/03/2017

Rinn Vscene agus Glow cobhair air na h-oileanaich a tha a’  trèanadh gu bhith nan luchd-teagaisg nuair nach fhaigheadh muinntir Uibhist agus Bharraigh a Steòrnabhagh air sgàth droch shìde. Air sgàth ’s gu bheil cleachdadh teicneolais a’ fàs cho cumanta, chaidh againn air siostam a chur an-sàs a leig leotha na taisbeanaidhean aca a dhèanamh aig astar.

Chaidh aig oileanach eile, nach b’ urrainn a bhith làthair air sgàth adhbharan pearsanta, air an taisbeanadh a dhèanamh bhon taigh air Taobh Siar Leòdhais.