CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Raibeart Robasdan air Vscene le sgoiltean nan eilean

Seinneadair Tide Lines a’ tadhal air e-Sgoil

Air Diciadain 12na den Dùbhlachd 2018, fhad ’s a bha Tide Lines ann an Steòrnabhagh airson cuirm ann an talla a’ bhaile, ghabh Raibeart Robastan an cothrom tadhal air e-Sgoil gus còmhradh ri sgoilearan bho air feadh nan eilean. Uile gu lèir bha 16 sgoiltean an sàs agus bha dà sheisean ann, fear do bhun-sgoiltean agus fear eile do dh’àrd-sgoiltean.

An dèidh do Raibeart bruidhinn mu dheidhinn fhèin, mu bheatha agus a chuid obrach, fhuair na sgoilearan cothrom ceistean fhaighneachd dha. Agus ’s iad nach robh diùid! Dh’fhaighnich iad cia mheud ionnsramaid-ciùil a bha e a’ cluich agus dè am fear a b’ fheàrr leis; cuin a thòisich e ag ionnsachadh Gàidhlig agus carson a bha ceòl Gàidhlig cudromach dha; dè an t-òran a b’ fhèarr leis; cò an seinneadair a b’ fheàrr leis; agus càit’ am b’ fheàrr leis a bhith cluich. Bha e follaiseach gun robh ùidh mhòr aig na sgoilearan agus, mura bitheadh gun deach stad a chur orra, bhiodh iad air Raibeart a chumail a’ dol fad làithean. Bha e na thogail shònraichte gun do roghnaich an uiread de sgoilearan na ceistean aca fhaighneachd ann an Gàidhlig. Gus seisean nam bun-sgoiltean a thoirt gu crìch, sheinn Raibeart seist de ‘Walking on the waves’ le cuideachadh bho na sgoilearan.

Tha sinn gu math taingeil do Raibeart airson an tìde a chur e seachad leis an òigridh againn agus chan eil teagamh ann, ma bha duine sam bith nam measg nach robh measail air Tide Lines ro làimh, tha iad a-nis. Leis an uiread de cheistean, cabadaich agus seinn a bha a’ dol, bu bheag an t-iognadh gu robh Raibeart a’ call a ghuth aig deireadh na h-oidhche!

Tweets by eSgoil