CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Sgioba bho e-Sgoil a’ dèanamh a-nall a dh’Aimeireaga còmhla ri Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit

Cuairt a Bhaile Nuadh Eabhrac (New York City) son Caismeachd Thartain

Ghabh buidheann beag bho e-Sgoil cuairt a Bhaile Nuadh Eabhrac mar phàirt de thuras Còmhlan-pìoba Sgoil Lìonacleit. A’ còmhrachadh 20 bliadhna on a thòisich Seachdainn Thartain, bha an òigridh air cuireadh fhaighinn pàirt a ghabhail ann an tachartasan na bliadhna seo. Agus ’s iad a a ghabh an cothrom!

Thòisich iad air Eilean Ellis, a’ chiad àite a ruigeadh mòran de na h-in-imrichean Albannach is eile a thàinig dha na Stàitean. A’ leantainn cuireadh bho Chlann Mhic Mhuirich, ghabh iad fuinn is òrain ann am prìomh thogalach an eilein a tha a-nis na thaigh-thasgaidh, mus do chluich iad a-muigh air pàirc le togalaichean ainmeil Mhanhattan air an cùl is Ìomhaigh na Saoirse pìos beag air falbh air eilean eile rin taobh. An-ath-mhadainn b’ fheudar dhaibh dùsgadh fìor thràth is iad gu bhith air prògram bracaist aon de na sianailean t.bh. ionadail. Bha dà chonsairt aca aig Bryant Park agus fear eile aig an Explorers Club, mus tàinig an latha mòr is a’ chaismeachd chliùiteach sìos 6th Avenue air beulaibh nam mìltean de dhaoine. Chan eil teagamh ann, gu robh a h-uile sùil air na pìobairean is drumairean òga, a bha air an èideadh gu spaideil, is na triùir dannsairean, a bha a’ leum ’s a’ smèideadh air am beulaibh.

Ghabhar cuideachd cuairt gu làrach drùidhteach an World Trade Centre. Ged a bha tòrr de na sgoilearan ro òg gus cuimhneachadh air tachartasan na Sultain 2001, ’s e call nam measg fhèin an-uiridh air sgàth ceannairc a bha air an turas a phiobreachadh.

Le criutha bho MacTV gu dlùth air an sàil fad an t-siubhail, bidh prògram mun turas ri fhaicinn air BBCALBA nas anmoiche sa bhliadhna mu àm a’ Mhòid. San eadar-ama gheibhear criomagan a chaidh a chlàradh le Ionad Ioma-Mheadhan na Comhairle an seo:

https://bit.ly/2GGPNmc

A bharrachd air a bhith cumail taic ris an luchd-cìuil òg agus na h-inbhich a thàinig còmhla riutha, ghabh sgioba e-Sgoile an cothrom bruidhinn ri daoine a tha an sàs ann an saoghal na Gàidhlig agus tachartasan Albannach ann an Nuadh Eabhrac agus sna Stàitean Aonaichte air fad. Fhuairear fàilte bhlàth aig cèilidh is bracaist an New York Caledonian Club agus thathar an dòchas gum bi cothrom ann na ceanglaichean a rinnear a neartachadh is càirdeasan a leasachadh san àm ri teachd.

Ged ’s fhada on a dh’fhàg sinnsearan cuid de na h-Ameireaganaich an t-seann dùthaich, is blàth an fhuil!

Tweets by eSgoil