CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

NAIDHEACHDAN

Matamataic agus Fiosaics

3mh – 7mh An Giblean

Am bliadhna, airson a’ chiad uair, bidh an aon chothrom aig sgoilearan tro na h-eileanan gu lèir, taic fhaighinn ann a bhith deasachadh fa chomhair nan deuchainnean ann am Matamataic aig ìre Nàiseanta 5 agus Fiosaics aig ìre Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre tro shaor-làithean na Càisge. Ged nach eil deuchainn ann airson Nàiseanta  4 Matamataic bidh seiseanan gan tabhann do sgoilear sam bith a tha airson taic fhaighinn le cuspairean sònraichte anns a’ chùrsa seo cuideachd.

Bidh Mgr Simpson, à Barraigh a’ tabhann taic ann am Fiosaigs agus Mgr Budge, à Steòrnabhagh, a’ tabhann taic airson Matamataic.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Mhatamataic thoiribh sùil air  http://bit.ly/esgoilmaths agus ma tha sibh airson pàirt a ghabhail lionaibh an ceisteachan http://bit.ly/N5mathsesgoilsurvey no http://bit.ly/N4mathsesgoilsurvey

Airson fiosrachaidh mu Fiosaics thoiribh sùil air http://bit.ly/esphysics

Tweets by eSgoil