CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Taisbeanaidhean eadar sgoiltean mu Up Helly Aa

Sgoiltean nan Eilean Siar a’ ceangal le sgoiltean ann an Sealtainn is air a’ Ghàidhealtachd

Gus ceanglaichean a neartachadh eadar sgoiltean ann an Caidreachas a’ Chinn a Tuath, tha e-Sgoil air a bhith an sàs ann an iomairt gus bun-sgoiltean ann an trì ùghdarrasan ionadail a cho-cheangal. ’S e amas a’ phròiseict dàimh agus co-obrachadh eadar na sgoiltean a dhealbhadh gus leigeil leis a’ chloinn ionnsachadh mu eachdraidh is dualchas nan diofair sgìrean.

Anns a’ chiad dol a-mach, rinn ceithir sgoiltean ann an Sealtainn taisbeanaidhean mu Up Helly Aa, fèill a tha tachairt ann an Sealtainn a h-uile bliadhna. Thòisich i anns an 19mh linn gus dualchas Lochlannach Shealtainn a chomharrachadh. Bha sgoilearan nan Eilean Siar deiseil le ceistean airson an co-aoisean ann an Sealtainn, fhad ’s a bha na sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd ag èisteachd an turas-sa. Thathar an dùil gun toir sgoilearan nan Eilean Siar taisbeanadh seachad anns na seachdainnean ri thighinn.

’S iad Bun-sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Sgoil an Òib, Sgoil an Rubha agus Sgoil Uibhist a Tuath a bha an sàs anns na h-Eileanan Siar; mar sin ghabh sgoil bhon h-uile eilean pàirt. Thathar an dòchas gun nochd barrachd chothroman airson co-cheangalaichean is co-obrachadh den t-seòrsa seo anns an àm ri teachd.

Dh’obraich clas Michelle NicIlleathainn ann am Barraigh le Bun-sgoil Cunningsburgh ann an Sealtainn. Thuirt i: “B’ e cothrom sònraichte dhan a h-uile duine a bh’ ann an-diugh agus ’s e dòigh air leth a bh’ ann dha na sgoilearan againn a bhith ag obair còmhla agus a bhith a’ meudachadh agus a’ leasachadh nan sgilean aca. Nach iongantach mar a chaidh aig sgoiltean agus ùghdarrasan bho dhà sgìre fìor iomallach ann an Alba a thighinn còmhla. Chan eil sìon ann nach gabh dèanamh le e-Sgoil!

Bha Tracy Langley, iar-cheannard e-Sgoile a tha stèidhichte ann an Sealtainn, gu mòr an sàs ann a bhith cur a’ phròiseict seo air dòigh. Mhìnich i:

Bha e comasach dhuinn cothrom fìor mhath a thoirt do chloinn bho air feadh nan eilean le bhith a’ co-cheangal sgoilearan bho chuid de na sgoiltean as iomallaiche againne len co-aoisean sna h-Eileanan Siar agus a bhith a’ stèidheachadh cheanglaichean son barrachd ionnsachaidh san àm ri teachd.

Tweets by eSgoil