CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

Teagasg a’ leantainn bho thall thairis

Teagasg a’ leantainn bho thall thairis

Anns a’ chiad sheachdainn den Ghearran 2018 lean dithis den luchd-obrach againn orra le teagasg ged a bha iad a-mach às an dùthaich.

Lìbhrig Dòmhnall MacLeòid, a bha ann an Lisbon, clas RMPS (Creideamh, Moraltachd agus Feallsanachd) aig àrd-ìre, do sgoilearan aig Sgoil Sir E Scott. Cha b’ e an t-astar agus an t-àite coimheach an aon dùbhlan a bha ro Dhòmhnall: chaidh a bhaga leis an ipad a bhios e a’ cleachdadh son teagasg a ghoid goirid an dèidh dha Lisbon a ruighinn. Chaidh aig Dòmhnall air coimiputair eile a chleachdadh le taic bhon taigh-òsta agus lìbhrig e na leasain gun duilgheadas sam bith.

 

Chaidh Niall MacIain, fear de na h-oidean fìdhle againn, a Kolkata anns na h-Innseachan gus pàirt a ghabhail ann an Yatra, cuirm-ciùil beò air a dheachdadh le turas Chailein MhicCoinnich dha na h-Innseachan ann an 1783. Theagaisg Niall leasanan fìdhle do dhà sgoil ann an Leòdhas bhon t-seòmar aige ann an Kolkata, agus faodaidh sibh cliop glè ghoirid fhaicinn le bhith brùthadh an seo.

Tweets by eSgoil