CUIR FIOS GU
01851 822850
e-sgoil@gnes.net

NAIDHEACHDAN

Trèanadh Dìon Chloinne

A' Tabhann Treanaidh Air Feadh Nan Eilean

Bho chionn grunn mhìosan, tha e-Sgoil air a bhith an sàs ann an sreath de thachartasan a thaobh Dìon Chloinne.

Air an 7mh den Ghearran, chraobh-sgaoil Gordon Macaoidh, Oifigear Dìon Chloinne CNES agus an t-Inspector Ruairidh Macaoidh bho Phoileas Alba gu 21 rùm teagaisg, ann an 10 sgoiltean, eadar Nis agus Uibhist a Deas, aig an aon àm.'S e Sàbhailteachd air an Eadar-lion 360  an cuspair a bh’ aca.

B’ àbhaist dhaibh a bhith toirt lathaichean a’ siubhal eadar sgoiltean airson a leithid a dhèanamh ach rinn iad seo ann am madainn.   

Bhon uairsin, tha inbhich bho bhuidheannan eadar-dhealaichte air a bhith a’ cruinneachadh ann an e-Sgoil airson trèanadh fhaighinn anns a’ chuspair seo a tha ‘s fhìor fhàs cudromach.