01851 822850
e-sgoil@gnes.net
       

Seachdain na Gàidhlig

Back to Our Programmes

Clàr-ama airson Seachdain na Gàidhlig

Seo tachartasan e-Sgoile tro Sheachdain na Gàidhlig:

Day Time Event
Diardaoin 24mh Màirt 1.30f Mo Shlighe Fhèin – Bidh an cleasaiche Albannach Martin Compston a’ bruidhinn mu chùrsa-obrach agus mu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig.
Dihaoine 25mh Màrt 9.45m Co-thional na h-Alba - Co-thional na h-Alba – Thig nar cuideachd airson Co-thional sònraichte airson Seachdain na Gàidhlig. Chan ann a-mhàin gun ionnsaich sinn mu dheidhinn cànan nàiseanta na h-Alba, ’s ann a dh’ionnsaicheas sinn corra abairt Ghàidhlig cuideachd!
Dihaoine 25mh Màrt 11.00m eBook Launch – Join us for this special event to launch the CnES Instrumental Music Service eBook, the event will feature videos and live performances from our pupils and local singer songwriter Willie Campbell. The event will be presented by Evelyn Coull-Macleod.

FMG and na h-Eileanan Siar

Brùth air na bhideothan gus faicinn càit a bheil sgoiltean agus sgoiltean-àraich FMG anns na h-Eileanan Siar.

Ealain Air-Loidhne

Thòisich Lorna Chaimbeul ag obair mar thidsear Ealain do dh’e-Sgoil as t-samhradh 2021 agus mar as trice bidh i a’ lìbhrigeadh chùrsaichean goirid de mu shia seachdainean anns am bi sgoilearan bun-sgoile ag ionnsachadh mu chuspair sònraichte, a leithid Eileamaidean Fradharcach, Dathan Teatha is Fuara, no cuspair eile a thagh an tidsear aca. Ionnsaichidh an tidsear mun chuspair aig an aon àm agus thathar an dòchas gun toir sin an comas agus a’ mhisneachd dhaibh seiseanan den t-seòrsa a lìbhrigeadh iad fhèin san àm ri teachd.

Ged a bha Bmh Chaimbeul beagan iomgaineach mun chùis an toiseach is mì-chinnteach mu chiamar a dhèiligeadh i ri sgoilearan a bha na b’ òige na bha i cleachdte ris, tha na seiseanan air a bhith a’ còrdadh rithe gu mòr, gu sònraichte nuair a bhios sgoilearan bragail nam measg oir, mar a thuirt i, “aig an aois sin, canaidh iad na tha iad a’ smaoineachadh”. Bho chionn ghoirid, mar eisimpleir, rinn i leasan le Sgoil Bhrèascleit, Eilean Leòdhais, anns an do sheall i dhaibh dealbh le Kandinsky. Cha robh na sgoilearan den bheachd gun robh e ro ealanta idir agus bha iad deimhinne gun dèanadh iadsan obair na b’ fheàrr! Fhuair iad an uair sin an cothrom an dearbh rud sin fheuchainn.

Bruth an seo airson cuid de dh’obair ealain nan sgoilearan fhaicinn.

A’ teagaisg aig astar a dh’Ath Tharracail

Aig deireadh 2021, bha suidheachadh dùbhlannach ro Bhun-sgoil Àth Tharracail nuair a bha tidsearan Gàidhlig a dhìth orra airson co-ionnann ri na dhèanadh 1.5 tidsear làn-ùine de theagasg. Cha robh luchd-obrach bun-sgoile eile le Gàidhlig ri fhaighinn san sgìre a ghabhadh na clasaichean, agus mar sin thàinig iad gu e-Sgoil a’ lorg taic. Chaidh aca ri uairean obrachadh a-mach tron t-seachdain nuair a dheigheadh aig sgoilearan P1-3 agus P4-7 ri leasanan beò, eadar-ghnìomhach fhaighinn air-loidhne bho thriùir de thidsearan Gàidhlig bun-sgoile a th’ aig e-Sgoil. Cho math ri sin, chaidh sgoilearan an lùib sreath de chlasaichean air cuspairean sònraichte anns an do dh’ionnsaich iad, anns a’ Ghàidhlig, mu Ealain agus, ann an com-pàirt le Keep Scotland Beautiful, mu Atharrachadh na Gnàth-shìde. Mar thoradh air leasanan e-Sgoile, chaidh aig sgoilearan Àth Tharracail ri leantainn orra le bhith ag ionnnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus na comasan aca a chumail aig ìre tron Fhaoilleach 2022.

Bha e-Sgoil air a dòigh nuair a chualas sa Ghearran gun deach aig an Sgoil Àth Tharracail ri tidesar-ionaid a lorg gu h-ionadail. Chaidh luchd-obrach e-Sgoile a dh’obair ann an àiteachan eile an uair sin.

“Bha mi son taing mhòr dha-rìribh a ràdh riutsa agus ris an luchd-obrach agad airson na fhuair sinn de thaic thairis air na seachdainean a dh’fhalbh. Bha e mìorbhaileach agus tha sinn gu mòr nur comain!” – Lyndsay Bradley, Ceannard Co-bhun-sgoiltean Àth Tharracail agus Chille Chòmhain

“Bha sinn ag ionnsachadh Ealain air-loidhne agus bha sin fìor mhath. Tha camara sònraichte ga chleachdadh agus bha sin math or chìtheadh sinn gach nì. Bha e furasta ri leantainn. Bha na buidhnean beaga ag obair gu math” – P4-7

Cùm Alba Àlainn (Keep Scotland Beautiful; KSB)

Dh’obraich e-Sgoil gu dlùth le carthannas KSB aig àm COP 26 an-uiridh ’s bha cùisean cho soirbheachail ’s gun do ghabh a’ mhòr-chuid de dh’aonadan Gàidhlig bho air feadh Alba pàirt anns na leasanan. ’S i Angela Nic a’ Mhaoilein a lìbhrig na seiseanan.

Thug seo oirnn smaoineachadh gum biodh e air leth feumail aonad a chruthachadh mu bhuaidh Siubhal agus Turasachd air an àrainneachd, do sgoilearan aig ìre ÀS1 & 2. Le co-obrachadh eadar e-Sgoil, KSB, Foghlam Alba agus Stòrlann, tha Angela air a fastadh gus an obair a thoirt air adhart. Bruth an seo airson cluinntinn bho Angela:

Ionnsachadh Inbheach

Chan ann do dh’òigridh a-mhàin a tha tairgse Ghàidhlig e-Sgoile agus thathar a’ tabhainn chùrsaichean, an dàrna cuid foirmeil no mì-fhoirmeil, do dh’inbhich cuideachd. Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu chùrsaichean foirmeil, a leithid Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre, cho math ri ar tairgse coimhearsnachd agus do theaghlaichean an seo:

Click here for more information on Facebook

Cluinn bho Mira mu phrògram Ionnsachadh Inbheach na Comhairle

LUACH

’S e fèis a th’ ann an LUACH a bhios a’ cur air adhart tachartasan, a tha air fad an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, ann an Leòdhas agus na Hearadh. Am-bliadhna, tha an fhèis a’ gabhail àite eadar 7-9mh Giblean.

Bidh tachartasan ann airson gach aois agus air diofar chuspairean. Mar bhlasad beag den phrògram, bidh cuirm fosglaidh ann air Diardaoin 7mh Giblean ann an Grinneabhat ann am Bràdhagair agus cuideachd cèilidh leis an Islands Ceilidh Band aig Tigh mo Sheanar anns na Hearadh. Bidh gu leòr a’ dol air Dihaoine agus Disathairne mus tèid LUACH 2022 a thoirt gu crìch le cèilidh mhòr aig An Lanntair air Disathairne 9mh Giblean, anns am faighear ceòl is òrain bho Iain Mac a’ Ghobhainn is Seonaidh Mac an t-Saoir bho Trail West, Seòras Lewis bho Beinn Lee agus Iain ‘Spanish’ MacAoidh.  Do chloinn, bidh Spòrs Gàidhlig agus Leugh is Seinn le Linda a’ tadhail, bidh Latha Spòrsail aig Ionad-Spòrs a’ Chuil agus gheibhear cuideachd seiseanan cluich is ealain bho shamhail sgioba Thig a Chluich, Preantas Litearrachd Inbheach na Comhairle agus oifigearan Comunn na Gàidhlig. A bharrachd air sin, bidh cuairtean mara is cuairtean coiseachd gan tabhainn ann an Scalpaigh tro Eilean Glas Rib Tours agus Urras Ceann a Tuath na Hearadh, bidh cuairt coiseachd eile, cho math ri brot is mìlseagan, ann an Siabost, agus faodar a dhol gu Artizan airson cearcall còmhraidh agus sliseag mhòr cèic.

  

Tha LUACH ga chur air dòigh ann an co-obrachadh eadar grunn bhuidhnean poblach is coimhearsnachd, agus thathar air taic airgid fhaighinn bho Chomhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba. ’S e fèis bhliadhnail a bhios ann an LUACH, le dùil a leudachadh gach bliadhna.

Cluinnear glè thric mu cho cudromach ’s a tha coimhearsnachd nuair a thig e chun na Gàidhlig agus mar sin tha sinn a’ cur choimhearsnachdan – beag no mòr – aig cridhe LUACH. Tha e air a bhith brosnachail dha-rìribh gu bheil uimhir de dhaoine bho dhiofair bhuidhnean is sgìrean air a bhith cho deònach an tìde a chosg air a bhith a’ tarraing ri chèile prògram LUACH, le bhith a’ beachdachadh air dè ghabhadh dèanamh agus le bhith a’ cur air adhart nan tachartasan, agus tha sinn an làn dòchais gun cuidich LUACH le bhith a’ leasachadh agus a’ neartachadh dhàimhean maireannach eadar na buidhnean sin.

Gheibhear am prògram slàn is barrachd fiosrachaidh air Facebook @LUACHnaGaidhlig no faodar post-dealain a chur gu mbyrne1u@gnes.net.

Prògram LUACH

Mo Shlighe Fhèin- My Way

The sgioba e-Sgoile agus Ionad Ioma-Mheadhan air a bhith a’ clàradh sreath de bhideothan anns a bheil daoine òga bho dhiofar àiteachan a’ bruidhinn mun t-slighe a ghabh iad tron sgoil gu saoghal na h-obrach agus am feum a rinn Gàidhlig dhaibh. Tha measgachadh de Bheurla ’s de Ghàidhlig anns na clàraidhean oir tha sinn airson luchd-ionnsachaidh a mhisneachadh gu fileantachd.

Seo feadhainn dhiubh www.e-sgoil.com/my-way/

Coming up as part of Seachdain na Gaidhlig - Thursday 24th March 1.30pm.
Hear from top Scottish actor Martin Compston about his career and learning Gaelic.

Ri thighinn mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig – Diardaoin 24mh Màirt 1:30f
Cluinn bhon chleasaiche Albannach Martin Compston mu chùrsa-obrach agus mu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig.

Have a look at some of the other My Way videos which include people using Gaelic in their everyday lives.
Thoir sùil eile air cuid de na bhideothan Mo Shlighe Fhèin (My Way) le daoine a bhios a’ cleachdadh Gàidhlig nam beatha làitheil

Eilidh Young

Eilidh Macdonald

Scotland’s Assembly- Co-thional na h-Alba

Friday 25th March 9.45am
Dihaoine 25mh Màrt 9:45m

Thig nar cuideachd Dihaoine seo aig 9:45m airson Co-Thional na h-Alba againn ann an Seachdain na Gàidhlig. Faigh a-mach tuilleadh mu chànan nàiseanta na h-Alba agus ionnsaich corra fhacal is abairt!

Leabhar e-Ceilidh

CnES Instrumental Music Service eBook Launch – Friday 25th March 11.00am
e-leabhar Seirbheis Ciùil Eilean Siar ga chur air bhog – Dihaoine 25mh Màrt 11:00m

This live event will launch an exciting new eBook music resource created by Comhairle nan Eilean Siar Instrumental Music Service together with the Comhairle’s Multi-media Unit. The event will be compered by Evelyn Coull-MacLeod and will feature pre-recorded videos and live performances from Willie Campbell, and pupils from Lewis & Harris.

This live event can be viewed and more background to the eBook project can be found on the e-Cèilidh eBook Launch page.

e-Sgoil March special edition Gaelic newsletter

Tionndadh sònraichte Gàidhlig de chuairt-litir e-Sgoil a’ Mhàirt

Click the image to read our special edition Gaelic newsletter
Brùth air an dealbh gus tionndadh sònraichte Gàidhlig na cuairt-litreach againn a leughadh

Gaelic Sustainability

Ali

Morgan

Tearlach

Tweets by eSgoil